1
'S tha 'm bata bòidheach ri dol thairis,
Seòladh thairis horo seòladh.
2
'S gu'n do sheòl mi tro' na caoil,
Le mo rùn do Chlann Dòmhnuill.
3
'S ann tha 'm bosdair air a' phacaid,
Leis na gillean tha bòidheach.
4
'S truagh nach faicinn thu tilleadh,
'S mi gu ruitheadh 'nad chòmhdhail.
5
'S mi gu'n ruitheadh 'nad chòinneamh,
Ged bhiodh mo bhonnan gun bhrògan.
6
'S mi bhiodh air bonnan mo chasan,
Ged bhiodh na clachan g'a sgròbadh.
7
'S mi gu'n dannsadh air an ùrlar,
Le mo rùn do Chlann Dòmhnuill
8
'S mi gu'n dannsadh air mo bhonnan,
Gus an tolladh mo bhrògan. |
1
Chì mi 'm bata dol seachad,
Muir a sgapadh mu bòrdan.
2
Mar an deachaidh mi mearachd,
Bha mo leannan ga seòladh.
3
Bha mo leannan ga stiùireadh,
Oigfhear ùr a 'chùl bhòidheach.
4
Oigfhear ùr a 'chùl bhuidhe,
O, b'aithne dhomh òg thu.
5
'S e do bhòidichean fada,
'S ghaol, a Lachlainn, a leòn mi.
6
O, na faicinn thu tighinn
'S mi gu ruitheadh 'nad chòmhdhail.
7
'S mi gu ruitheadh 'na do choinneamh,
Air mo bhonnan gun bhrògan.
8
Ged tha reothadh glé chruaidh ann
'S sneachda fuar air a' mhòine |