| 4 | E Ho Ro Mo Mhaighdinn Lurach | 4 |
| Séist E Ho Ro Mo Mhaighdinn Lurach Dha'n tug mi mo ghaol cho buileach; 'S e dh'fhàg m'inntinn tròm fo mhulad Nach fhaod mi fuireach 'nad chòir. |
|
1 'S na biodh duil agad, a' Mhàiri, Gur ann 'gad mhealladh a tha mi; 'S docha leam thu na mo mhàthair Ged is i rinn m'àrach òg. 2 'N biodh dùil agad, a' ghruagaich, Gur e 'n t-òr a rinn mo bhuaireadh; Ach a ruadh bha 'nad ghruaighean; B'fhèarr leam e na buaile mhór. 3 'S tu mo chadal, 'us tu mo dhusgadh, Anns a' mhaduinn mo chairt-iùil thu; 'S ann ort leagainn-sa mo chùrsa 'N uair as dùmh'l a bhios an ceò. 4 Ged a bhiodh tu 'nad bhanntraich, 'S iomadh fear eile an geall ort; 'S ged a bhiodh claidheamh anns gach làimh aig Rachainn-sa gun tàing 'nad chòir. 5 Ged tha mise muigh an dràsda Air long mhór 'nan crannan àrda; Tillidh mi ugad, a' Mhàiri Bidh tus', a' ghràidh, agam pòsd'. 6 Bi mi smuaineachadh gach uair ort Ged b'ann a muigh air a' chuaine; Leis a' mheud 's a thug mi luaidh dhut Cha dual dhomh bhi fada beò. |
7 Bi mi smuaineachadh gach am ort Ged b'ann a dol dha'n a chrann mi; Leis a mheud 's a bha mo gheall ort Cha'n aithnich mi ceann a' rop' 8 Ach na faighinn toil do chairdean, Toil d'athair 'us do mhàthair, Gu'n toirinn dhutsa fainne Dhe'n a' chuid a's fhèarr dhe'n or. 9 Na biodh duil agad, a' Mhàiri, Gur ann 'gad mhealladh a tha mi; 'S docha leam thu na mo mhàthair Ged is i rinn m'arach òg. 10 Théid sinn dha'n a'mhuilean-shabhaidh, As a sin gu àite Dhanaidh; Bho'n fhuair mi èolas air Màiri, Tha mi an dràsd' air mo dhoigh. 11 Bidh mi smuaintinn ort 's a mhaduinn, Bidh mi bruadar ort na m' chadal; Cha leig mis' thu, ghaol, as m'aire Fhad 's bhios mis' air thalamh beò. 12 Tha nuaidh mar sneachd 'nam beanntan, Tha do ghruaidh mar chaoir nan alltan; Tha do ghuth mar chuthaig shamhraidh, Tha mise an geall air do phòg. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca