| 6 | An Gille Donn | 6 |
|
Séist O ho rò 'ille dhuinn, 'Ille dhuinn bhòidhich, O ho rò 'ille dhuinn. |
|
1 Gura mis' tha fo mhulad, Giùlan cular Rìgh Deòrsa. 2 Mi bhi giùlan a' ghunna, Ann an cuideachd a' Chòirneil. 3 Fhuair sinn òrdugh a bhi màrsadh Gu sràid nan ceum còmhnard. 4 Gu sràid nan ceum socrach, Nach dochainn ar brògan. 5 'N uair a rinn mi moch gluasad Chunna mi'm bruadar a bha neònach. 6 Luchd nan còtaichean ruadha 'G an cur suas an deagh òrdan. 7 Luchd nan còtaichean dubha, Chùil bhuidhe, chruinn, chòmhnaird. 8 Luchd nan còtaichean tartain, 'S iad gu sgairteil-e, seòlta. 9 Luchd nan claidheamhnan geala, Chìte fada fo cheò iad. 10 'S ann air feasgar Di-Sathuirn' Thug sinn catha a bha deònach. 11 'S iomadh té bha gun chéile 'N am éirigh Di-Dòmhnaich. |
12 'S iomadh té a tha uasal A bhios air cluasaig 'n a h-ònrachd. 13 Agus nighean fear fearainn Bhios 'n a laighe 'n a h-ònar. 14 An déidh a céildh thoirt uaipe, 'S nach fuasgaileadh òr e. 15 E 'n a shìneadh 's an luachair, 'S fuil mu ghualainn a' dòrtadh. 16 E fo fhùdar, no'n cannon Call fala le dòruinn. 17 Thoir uam soraidh thar mhonaidh Gu Muile nam mórbheann. 18 Far an goireadh a' chuthag Anns gach bruthach roimh Bhealltuinn. 19 Thoir uam soraidh gu m'mhàthair, 'S i dh'àraich glé òg mi. 20 Soraidh eile gu m'phiuthair, Tha i cumha gu brònach. 21 Is an t-soraidh gu m'leannan: Théid mi dhachaidh ma's beò mi. 22 'S mo bheannachd leibh uile, 'S do Mhuile 's do Mhórar. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca