7 E Mo Leannan 7

 
 

Séist
E mo leannan, o mo leannan,
'S e mo leannan am fear ùr,
E mo leannan, o mo leannan.

 
1
Dh'éirich mise moch 's a' mhaduinn,  
Braigh na h-aibhne gabh mi null
 
2
Co thachair rium ach mo leannan,
Culaidh air do'n fhasan ùr
 
3
'S e mo leannan am fear lurach,
Rachadh an àird a' bhàrr nan siùil.
 
4
'S e mo leannan saor na locair,
Dheanamh fortan le sàbh dhuirn.
 
5
'S e mo leannan mac a' ghobha,
Dheanamh fòghail leis na h-ùird.
 
6
Tha mo leannan aig a' chladach,
E ri sailleadh sgadan ùr.
 
7
Bithidh a leannan aig gach leannan,
Bithidh thus' agamsa co diubh.
 
8
Galar nas mios' na' n déideadh,
Air an té thug bhuam mo rùn
 
9
Bùcuill anns a' bhrògan àrda,
Tuitidh na sàiltean sin dhiubh.
Séist
He mo leannan, hó mo leannan,
'S e mo leannan a' fear ùr;
He mo leannan, hó mo leannan.

 
1
'S e mo leannan a' fear bàn,
A dheidh'adh an àird a bhàrr an t-siùil.
 
2
'S e mo leannan a' fear laghach,
'S tu mo roghainn, thagainn thu.
 
3
'S galair na' miosa na'n déideadh
Air an té thug bhuam mo rùn.
 
4
Nar meal i 'n gùn ùr 's a'chiste
Na na shuidheas air a glùin.
 
5
Nar meal i 'n curraic na'n cleòca,
Na meal i 'n t-oigear na 's mù.
 
6
'S tric a chaidh mi leat dha 'n tobar,
Cha tugadh sinn dhachaidh drùdh.
 
7
'S tric a chaidh mi leat dha 'n t-sabhal
Foda fodhainn 's bhos ar cinn.
 
8
'S leabaidh bheag an cùl a' chidsin
Far 'm bu tric bha mise 's tu.
 
9
'S nuair a bhiodh càch na laighe
Dh'fhosg'linn dhut an uinneag chùil.
 

 
=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca