10 Fàill-ill-ó agus Hó-ro éile - A Fhleasgaich Dhuinn 10

 
 
Séist
Fàill-ill ó agus hó-ro éile
Fàill-ill ó agus hó-ro éile
Fàill-ill ó agus hó-ro éile
A fhleasgaich dhuinn nach ann duinn a dh'éirich

1
Saoil sibh fhéin nach mi 'bha truagh dheth,
Feasgar foghair air achadh bhuana;
A h-uile té 's a fear fhéin r' a guallainn,
'S mo leannan donn-sa air bhàrr nan cuantan.

 
2
Shiùbhlainn, shiùbhlainn, shiùbhlainn fhéin leat, 
Shiùbhlainn, fada troimh choill nan géug leat;
'S 'n uair bha mi òg 's mi air bheagan céile,
Gur e do ghaol-sa a rinn mo léireadh.

 
3
Gheall mo mhàthair fàinne òir dhomh;
Gheall m' athair buaile bhò dhomh;
'S ged gheibhinn sud 's an saoghal mór leis
Gur mór gu 'm b' ànnsa leam gaol an òigeir.
4
'Phiuthar ghaolaich dean gu réidh rium;
Cum an crodh 'us na laoigh bho chéile;
'S ged ghabh mi 'm poca 's ged dh' iarr mi'n déirce,
Na cumaibh uam-sa mo rogha céile.
 
5
Dé na'm faicinn thu seach a' bhuaile!
Sgealb mi 'n cuman 'us thilg mi 'bhuarach;
Chuirinn fhéin mo dhà làmh mu'n cuairt duit;
'S có, a ghaoil, sin a chumadh uam thu?
 
6
Cinnidh dóbhrachain anns an earrach;
Cinnich ùbhlan air bhàrr nam meangan;
Bheir sug 'am chuimhne-sa póg mo leannain,
'S a h-uile té dhiubh air bhlas na meala.


Séist
Fàill-ill ó agus hó-ro éile
Fàill-ill ó agus hó-ro éile
Fàill-ill ó agus hó-ro éile
A fhleasgaich dhuinn nach ann duinn a dh'éirich

1
Saoil sibh-péin nach mi tha thruagh dheth,
Feasgar foghair air achadh bhuantan,
A h-uile té 's a fear fhéin r'a guallainn,
'S mo leannan donn-sa air bhàrr 'nan cuantan.
 
2
Dé na faicinn thu seach a's an fhraoich rium,
'Chaileig bhòidhich a leadain chraobhaich;
Laighinn féin leat air bheagan aodaich,
Ged bhiodh an sneachda g'a chur 's an aonach.          
 
3
Thug mi gaol dhut 's cha tug mi fuath dhut,
Tha mo chàirdean uile 'n gruaim rium,
'S minig a dh'iarr e riamh nach d'fhuair e,
Uisge blàth thoirt o leachdain fuara.
 
4
'S trom an cudtrom air built mo bhrògan,
'Dol do'n chladach air Di-dòmhnaich,
Feuch am faic mi ann an t-òigear,
An giullan donn ud a gheall mo phòsadh.
5
Thuirt mo mhàthair gu chridheil, caoin rium,
A chaileag nàrach na cuir diù ann,
'S ciamar 's urrainn mise ghiùlan,
'S gu bheil do phòg rium air bhlàs 'nan ùbhlan?
 
6
Gheall mo mhàthair òr dhomh,
Gheall m'athair buaile spréidh dhomh
'S ged gheibhinn sud is an saoghal mór leis,
Gu mór gum b'annsa leam gaol an òigear.
 
7
A phiuthar ghaolach, dean gu réidh rium,
Na cum an crodh is na laoigh o chéile,
'S ged a bhithinn-se air an déirce,
Na cumaibh bhuamsa mo ròghainn céile.
 
8
Dé na'm faicinn thu seach a' bhuaile,
Sgealb mi'n cuman 'us thilg mi 'bharach;
Chuirinn féin mo dhà làimh mu'n cuairt dhuit,
Is có, a luaidh, sin a chumadh uat mi?

9
Cinnidh sòbhraichdan anns an earrach;
Cinnidh ùbhlan air bhàrr na meangan;
Bheir sud 'am chuimhne-se pòg mo leannain,
'S a h-uile té dhiubh air bhlàs na meala.

=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca