106 AIR A LEABAIDH 'S MI M'ONAR 106

 

Fonn:

Hì hórann ó ro ho
Hì hórann hì iù a
Hì hórann ó ro ho

Air a’ leabaidh ‘s mi m’ ònar
‘S mi ‘g ionndrainn mo leannan
Fleasgach fearail ciùin eòlach
Air a’ chinneadh Mhac Cailein
Thig bho bhratach na ròs-gheal
‘S na faighinn air m’ òrdugh
Bu leat Ceapach na Sròine
Le còrca ‘s le eòrna
‘S le peasair ‘s le pònair
Hì hórann hì iù a
Hì hórann ó ro ho

Bheir mo shoiridh, ciad fàilte
Go Màiri ‘s a faicinn
Bean òg a’ chùil dualaich
Gur math thig an gùn dhuit
Currac dubh os a chionn ort
Ma chùl nan ciabh mhaiseach
Hì hórann hì iù a
Hì hórann ó ro ho

‘S gur minic a bha sinn
Air an àirigh le ‘r martaibh
Deanamh ìm agus chàise
‘S toirt na blàthach gun cheannach
Ann am bothag an t-sùgraidh
‘S gun ga dùnadh ach barrach
Hì hórann hì iù a
Hì hórann ó ro ho

 


=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca