11 Alaisdair Mhic Colla 11
(Capercaillie version)
 
 

1
Alasdair Mhic, o ho
Cholla ghasda, o ho
As do làimh-s' gun, o ho
'Earbainn tapaidh, trom éile.
 
Séist
Chall éile bho, chall a ho ro
Chall éile bho, chall a ho ro
Chall éile hu-raibh i, chall a ho ro     
'S haoi o ho trom éile

 
2
As do làimh-s' gun, o ho
'Earbainn tapaidh, o ho
Mharbhadh Tighearna, o ho
Ach-nam-Breac leat, trom éile.
3
Dh'adhlacadh an, o ho
Urr an loch e, ho ho
'S ged 's beag mi fhéin, o ho
Bhuail mi ploc air, trom éile
 
4
'S ged 's beag mi fhéin, o ho
Bhuail mi ploc air, o ho
Chuala m' in dé, o ho
Sgeul nach b' ait' leam, trom éile
 
5
Chuala m' in dé, o ho
Sgeul nach b' ait' leam, o ho
Glaschu a bhith, o ho
Dol 'na lasair, trom éile.



(From the Creighton & MacLeod : Gaelic Songs in Nova Scotia)

1
Alasdair Mhic, ò hò
Cholla ghasda, ò hò,
As do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, trom éile.
 
Séist
Chall éileadh o ì, chall o horò,
Chall éileadh o hì, chall o horo, rò,    
Chall-o-haorari, chall o horo,
Haori eo ho, trom éile.

 
2
As do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, ò hò,
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, trom éile.
3
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, ò hò,
'S thìodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, trom éile.
 
4
'S thìodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, ò hò,
'S ged 's beag mi-fhéin, ò hò,
Bhuail mi ploc air, trom éile.
 
5
'S ged 's beag mi-fhéin, ò hò,
Bhuail mi ploc air, ò hò,
'S chuir sud gruaimean, ò hò,
Air Niall a' Chaisteil, trom éile.

6
'S chuir sud gruaimean, ò hò,
Air Niall a' Chaisteil, ò hò,
'S dh'fhàg e lionn-dubh, ò hò,
Air a mhacaibh, trom éile.

=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca