| 14 | Ho Rò Gu'n Togamaid Hùgan Fhathast | 14 |
|
Séist Ho rò gu'n togamaid hùgan fhathast Ho bha ho mu'n téid mi laighe Ho rò gu'n togamaid hùgan fhathast |
|
1 Togamaid fonn air luadh a' chlòlain; Gabhaidh sinn ceol, a's òrain mhatha. 2 B'fheard' an clò bhi chòir 'nan gruagach, A dheanamh an luadh le 'n lamhan. 3 'N uair a shuidheas iad air cléithe, Air a' chlò bu daoire dathan. 4 Orain ghrinne, bhinne, mhilse, Aig na ribhinnean 'gan gabhail. 5 Luinneag ac' air luadh an aodaich, Sunndach, saothrachail ri mathas. 6 Thogamaid fonn gu ceòlmhor, aotrom, Air a' chlò bu daoire dathan. 7 An clò brionnach, ballach, eitach, Triuchanach, stiallagach, gathach. 8 An clò taitneach, basach, bòisgeul, Laisde, daoimeineach, 's e leathunn. 9 Gu'm bu slàn a bhios na caoraich Air an d'fhàs an t-aodach flathail. 10 Beannachd aig an laimh a shnìomh e, 'S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe. 11 'S ann is coltach ris an t-sìod' e, Dh'fhàg i mìn e, 's rinn i math e. 12 Snàth cho rithinn ris na teudan, 'S e choréidh 's a dh'fheudta shuaitheadh. |
13 Cha robh pluc, no meall, no gaog ann, No gìog chaol, no sliasaid reamhar. 14 'N uair a théid an clò a'n mhàrgadh, 'S e ni 'n t-airgead air an rathad. 15 Cha bhi slat a sìos o chrùn deth, Miann gach sùl e anns an fhaidhir. 16 Cha bhi suirighich' anns an dùthaich Nach bi'n dùil ri pàirt deth fhaighinn. 17 'S ann a tha 'n toil-inntinn aodaich Aig na daoin' a bhios 'ga chaitheadh. 18 Thogainn am fonn a dh'iarradh pòitear, A's luaidhinn an clò bu mhiann le mnathan. 19 'S olc an obair luadh no fùcadh, Ma bhios thadh oirnn le padhadh. 20 Chuireadh e sunnd air muinntir òga, Suidheadh mu bhòrd ag òl gu latha. 21 Puinnse le gloineacha' làna, Deochana-slainte 'gan gabhail. 22 Greis air fìon a's greis air branndaidh, Greis air dràm de 'n uisge-bheatha. 23 Greis air fìdhleireachd 's air dannsa, Greis air canntaireachd's air aighear. 24 'N uair théid stàirn an àird an aodainn; 'S ro-mhath 'n t-àm do dhaoine laidhe. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca