22 Dh'Fhalbh Mo Rùn 22
Learned from Margaret MacLean, Boisdale

Séist
Dh'fhalbh mo rùn 's dh'fhàg e 'n caladh
Dh'fhalbh mo rùn o hi ù;
Thog e shiùil ris na crannaibh,
Dh'fhalbh mo rùn 's dh'fhàg e 'n caladh

       
1
Dh'fhalbh mo leannan bhuam an Ile
Air long rìomhach nan trì chrannaibh
 
2
Dh'fhalbh mo leannan bhuam a dh'Éirinn
'S as a dhéidh cha bhi mi fallainn.
 
3
'S cha'n 'eil taobh dha'n toir a gaoth e
Ma dh'fhaodas e, gheibh e leannan.
 
4
Chuala mi gun d'rinn thu réiteach
'S gur dè feum a bha 's a ghealladh.
 
5
Chuala mi gu 'n d'fhuair thu cèile
Théid fo bhrèid gu tìr a bharraich.
 
6
Chuala mi gun d'rinn thu pòsadh
'S cha d'fheòraich thu mi gu d'bhanais.
 
7
'S geamanach a ghunna bhòidhich
'S leigeadh tu na h-eòin air d' eangan.
 
8
'S geamanach a ghunna chaoil thu
'N uair chuireadh tu an t-siùil 'sa bealach.
 
9
'S thig a bhonaid ghorm ri fabhar
Air fear àrd na sùilean meallach.
 
10
Mo rùn, a leathannaich bàn,
'S dhuit thug mi mo ghràdh 's mo ghealladh.
 
11
Cha'n 'eil unnam ach nighneag òg
Is gur e seòladair mo leannan.
 
12
Thuirt na mnathan gur e 'n beud e
Gun tug mi mo spéis dha'n mharaich'.
 
 
 
Séist
Dh'fhalbh mo rùn 's dh'fhàg e 'n Cala
Dh'fhalbh mo rùn hi i iù
Thog e shiùil ris na crannaibh
Dh'fhalbh mo rùn 's dh'fhàg e 'n Cala

 
1
Dh'fhalbh mo leannan bhuam am bliadhna
'S iad 'ga riasladh aig na Gallaibh
 
2
Dh'fhalbh mo leannan bhuam a dh'Éirinn
'S as a dhéidh cha bhi mi fallain
 
3
Dh'fhalbh mo leannan bhuam a dh'Ile
Air luing rìomhaich nan trì chrannaibh
 
4
Dh'fhalbh mi ann am nighneag ghòraich
'S thug mi seòladair mar leannan
 
5
A mhnathan na tugaibh beum dhomh
On a thug mi spéis dhan mharaich'
 
6
Cha'n 'eil taobh a bheir a ghaoth e
Ma dh'fhaodas e gheobh e lannan
 
7
Thig a' bhonaid ghorm ri fàbhar
Air fear àrd nan sùilean mealla
 
8
Chuala mi gun d'rinn thu féiteach
Mara breug a rinn iad aithris
 
9
Chuala mi gun d'rinn thu pòsadh
'S cha d'dheònaich thu mi gu t' bhanais
 
10
Giomanach a' ghunna bhòidhich
Leigeadh tu na h-eòin bhàrr mheangan
 
11
Giomanach a' ghunna chaoil thu
'N uair a chaogadh tu an t-sùil 's a' mhala
 
12
Ach on a dh'fhalbh thu air a' bhàta
Dia 'gad shàbhladh gu cala

 
This version from Jim Watson, who learned it from Margaret

=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca