| 23 | An t-Alltan Dubh | 23 |
|
Séist Tha ligh' an diugh 's an alltan dubh, 'S chan urra' mi 'dhol thairis air; Tha eagal orm aig meud an t-struth, Nach fhaigh mi 'n diugh a' null air. 1 Tha 'n t-alltan dubh cho bagarrach, 'S e 'n dùil gun till e dhachaidh mi Le 'thururaich, is le 'thartaraich, Le 'bhagartaich, 's le 'bhùtaich. 2 Chì mi na daimh chroiceach thall 'S an lagan beag 's am b'àbhaist dhoibh 'S nan tiginn uair mu 'n d'thàinig mi Cha bhiodh iad slàn 's a' chunntais. 3 Saòil thu " 'Mhórach nigh'n Fhionnlaidh" An gléidh thu dhomh do ghealltanais! Ma gheibh sinn thar an t-alltan seo Nach toll thu fear de'n triuir ud! 4 Thubhairt "Mórach," is i freagairt rium Na cuireadh e bonn eagail ort Nach faigh thu 'm fear is treise dhiubh Ma fhreagras do chuid fùdair. 5 'N uair rainig mis' an t-àite Far an do gheall i dhomh 'bhi sàbhailte Bha mac nan sonn ri làr aice Mu 'n d'thug mi mhàin o m' shùil i. 6 Tha seachd bliadhn' is tamull ann Bhòn thug mi a Srathcharrain thu; 'S i N'ic-an-t-saoir a cheannaich thu, 'S cha 'n aithreach leam an cùmhnant. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca