24 Dhòmhnaill Antaidh 24

 
 
Séist
Dhòmhnaill Antaidh, Dhòmhnaill lé ho,
Hi ri iùl éile;
Dhòmhnaill Antaidh, Dhòmhnaill lé ho,

 

A Dhòmhnaill a chrìdh' an tig thu'm bliadhna.
 
Chuala mi gun deach do bhàthadh.
 
Ann an dam a' mhuilean-shàbhaidh.
 
Chuirinn mo long mhór 'gad iarraidh.
 
Long mór na stiomar iarainn.
 
Gheibhinn gillean 's chosgainn biadh riuth'.
 
Cha b' e an t-aran dubh bu bhiadh dhaibh.
 
Ach peasair agus muic-fheòil bhiadhta.
 
An té aig Dòmhnaill gun bhi glé gheal.
 
Thug seachd bliadhn' an cuan Éirinn.
 
Cumail cogadh ri na ceudan.
 
Cumail Gàidhlig ri luchd Beurla.
 
Cumail Laidean ri luch Greugais.
 
'N uair a thig mo Dhòmhnall-sa dhachaidh.
 
'S cinnteach mo chìr chùil a falach.
 
'S cinnteach sìod' 's pasgan anart.


=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca