| 37 | Duanag an t-Seòladair | 37 |
|
Séist Gu ma slàn do 'n rìbinn òig Tha tàmh an eilean gorm an fheòir 'S e dh'fhàg m'inntinn trom fo leòn Nach fhaod mi 'n còmhnuidh fuireach leat. An àm dhuinn dealachadh Di-màirt, Gun fhios an tachair sinn gu bràth, Gu 'n dh'iarr mi gealladh air mo ghràdh, 'S a làmh gu 'm biodh i fuireach rium. Sheall i orm gu h-iochdmhor, caoin 'S na deòir a' ruith bho 'sùilean maoth Gu'n chuir e saighead gheur 'nam thaobh An gaol a thug mo chruinneag dhomh. Tha 'n fhairge 'g éirigh suas 'n a smùid, Is mise 'n ceangal aig an stiùir, Ach chuir e spionnadh ùr 'nam dhùirn, An rùg a thug mo chruinneag dhomh. Shiùbhlainn deas is shiùbhlainn tuath, Dh'fhuilinginn acras agus fuachd 'S cha ghearaininn air smùid a' chuain, Na 'm buannaichinn a' chruinneag ud. Thug i dealbh dhomh air an tràigh Is dualan mìn de chuailean bàn Tha sin a' cur 'n am chuimhne ghnàth An gràdh a thug mo chruinneag dhomh. 'N uair bhios ise trom 'n a suain Bidh mis' air bhàrr nan crannag shuas A' pasgadh sheòl, 's a'seinn mo dhuain Mu'n luaidh a thug mo chruinneag dhomh. 'S tric mi cuimhneachadh le spéis 'N uair bha sinn ann an gleann nan geug A h-uile gòraiche gun chéill' A rùn mi-fhéin 's mo chruinneag ann. 'S ged tha mi 'n seo air bhàrr na sìon A' sabaid ris a' Chuan-an-iar Cha bhi mi cuimhneachadh mo dhìol 'N uair ni Catrìona furan rium. Ach thusa, ghaoth, tha dol gu tuath Thoir leat mo shoraidh seo gu m' luaidh Is innis dhi, ma bhios mi buan Nach caill i' duais ri fuireach rium. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca