44 Fhleasgaich Ùir, Leanainn Thu 44

 
Séist
Fhleasgaich ùir, leanainn thù
Fhìr a' chùil bhòidhich;
Fhleasgaich ùir, leanainn thù

 
'S mi gu'n rachadh ad choinnimh
Air mo bhonnaibh gun bhrògan.
 
Air bonnadh mo chasan,
Ged bhiodh clachan ga 'n stròiceadh.
 
Ged bhiodh reothadh ro chruaidh ann,
'S sneachd fuar air a' mhòintich.
 
Fhìr 'nan camagan donna,
Rinn mi coinneamh glé òg ruit.
 
Fhìr 'nan calpa geal, gasda,
Tharruinn d' astair troimh 'n mhòintich.
 
Fuil a' bhruic air do léine,
'S fuil an fhéidh air do chòta.
 
Fuil an laoigh bhric, bhallaich,
Mar bhannaibh mu d' dhòrnaibh.
 
'S mi gu'n siùbhladh Gleann Rao'ill leat,
Agus dà thaobh Loch Lòchaidh.
 
Dh'fhalbhainn air muir no air tìr leat,
Gu ruig crìoch na Rìonn-Eòrpa.
 
Ged nach mò leat mi 'm bliadhna,
'S tric a dh'iarr, thu mo phòg orm.
 
Cha bhi mi 'ga d' chàineadh
Gar an dàn dhomh do phòsadh.
 
Ach guidheam gu slàn thu
Gach latha fhad 's is beò mi.
=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca