45 Hé Na Milibhig 45

 
Hé na milibhig, bha mi latha
Hé na milibhig, siubhal sléibhe
Hé na milibhig, có thachair rium
Hé heileabo, ach mo chéile.
 
Hé na milibhig, có thachair rium,
Hé na milibhig, ach mo chéile.
Hé na milibhig, thubhair e rium
Hé hoileabo, dé bu sgeul dhomh.
 
Thubhairt e rium rium dé bu sgeul dhomh
Thubhairt mi ris, "Rinn mi réiteach"
Thubhairt e rium, "Rinn thu'n eucoir
Nach do dh'fhuirich 'n diugh no 'n dé rium
'S mi ri tighinn mar a dh'fheudainn."
 
Bha mi latha siubhal mòintich
Có thachair rium ac mo dhòchas
Dh'fhoighnich e dhiom robh mi pòsda
Thubhairt mi ris, "Cha'n 'eil, 's òg mi."
 
Hé no milibhig!

Òran luaidh nach cluinnear tric a-nis ach ann a Leòdhas.
Chìthear facail dha ann an Tocher, leabhran a bhios Sgoil Eòlais na h-Alba a' deasachadh.

A flirty waulking song from Lewis, where the girl says she is bethrothed, and later that she is too young to marry.

 

=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca