| 46 | Hulliù Illió Ho-o Ro Éilleadh' | 46 |
|
Séist Hulliù illió ho-o ro éilleadh' Uilliù illió horinn ó Hulliù illió ho-o ro éilleadh' |
|
Moch 'sa mhaduinn rinn mi gluasad Dhìrich mi 'mach ri Beinn Cruachan Dhìrich mi 'mach ri Beinn Cruachan Theirinn mi Lag A' Fhraoich Uaine Theirinn mi Lag A' Fhraoich Uaine Shuidh mi aig tobar an fuaraidh Shuidh mi aig tobar an fuaraidh Chìr mi mo cheann, dh'fhàg mi ghruag ann Chìr mi mo cheann, dh'fhàg mi ghruag ann Dh'fhàg mi falt mo chinn 'na dhualan Dh'fhàg mi falt mo chinn 'na dhualan Sùil gun d'thug mi thar mo ghuallainn Sùil gun d'thug mi thar mo ghuallainn Chunnaic mi tighinn na h-uaislean. Chunnaic mi tighinn na h-uaislean. Ach, ma bha, cha robh mo luaidh ann Ach, ma bha, cha robh mo luaidh ann Fear aig an taigh 's a chòt' uaine. Fear aig an taigh 's a chòt' uaine. Ho rò, mo ghaoil, gum b'fhada bhuam thu Ho rò, mo ghaoil, gum b'fhada bhuam thu Bha té éil' aig bail' 'gad bhuaireadh Bha té éil' aig bail' 'gad bhuaireadh 'S aithne dhomh'-fhìn dé chum bhuam thu 'S aithne dhomh'-fhìn dé chum bhuam thu Tainead o chrodh-laoigh air bhuaillidh Tainead o chrodh-laoigh air bhuaillidh Ach ma 's is' as truime buaille. |
Ach ma 's is' as truime buaille. 'S mis' as càirdich dha na h-uaislean. 'S mis' as càirdich dha na h-uaislean. Dhìreadh amach ri Beinn Cruachan. Dhìreadh amach ri Beinn Cruachan. Le 'n gunnaichean air an guailleann Le 'n gunnaichean air an guailleann Le flàsgaichean air an cruachainn. Le flàsgaichean air an cruachainn. 'Dol a shealg na h-eildeig ruadha 'Dol a shealg na h-eildeig ruadha Mar sin is lach a' chinn uaine Mar sin is lach a' chinn uaine Ailin, Ailin, is fhada bhuam thu. Ailin, Ailin, is fhada bhuam thu. Nan tigeadh tu 's mi 's a' bhuaillidh Nan tigeadh tu 's mi 's a' bhuaillidh Cha b'e do dheoch burn an fhuarain. Cha b'e do dheoch burn an fhuarain. Leugainn bainne geal an cuaich dhut Leugainn bainne geal an cuaich dhut Chàrainn leaba' nach biodh suarach Chàrainn leaba' nach biodh suarach Laighinn fhìn air taobh an fhuaraidh Laighinn fhìn air taobh an fhuaraidh Chàrainn mo bhreacan mun cuairt dhut Chàrainn mo bhreacan mun cuairt dhut Air eagal 's gu ruigeadh fuachd thu |
|
Air eagal 's gu ruigeadh fuachd thu Is mis' gu teàradh bhàrr Beinn Cruachan. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca