| 61 | Fal I Thill Éileadh Ó-ro | 61 |
|
Séist Fal i thill éileadh ó-ro Ho ro hi ri Thill ó-ro Fal I Thill éileadh ó-ro A Siudaig Mhór a dh'fhalbh sinn Gur mise tha fo phramh dhe A' fuireach anns a' Bhraighe Gun duine ann ni rium cairdeas Cha phaigh e dhomh bhi falbh as Tha nollaig a' tighinn dlùth dhuinn 'S bith Frolic na Bliadhn' ùir ann Gur b'e a ghabhas smuid ann Cha chuir e cùram ormsa Ged bhithinn-sa air mo chòmhdach An ciste chaoil 'nam bòrdan Bidh feadhainn ann a dh'òlas 'S chosgas òr is airgead. Tha feadhainn ann nach saoil sibh A thig am bàs ro dhaor dhaibh 'S cha toir iad as an t-saoghal Ach leine chaol do'n chamraig Ged rachainn do'n Taigh Osda Is gillean gasda còmhla rium Gun deanainn beagan oil ann A dheannain monabail chailleachan Ma chì sibh fear is spree air Us coltas air bhi miobhail Bith sud air Dòmhnall Lisi 'S gu bheil mi sgìth do'n t-seannachas |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca