64 Bha Mi Latha Samhraidh 64
Faclan Le Seònaid NicCoinnich

 
Séist
Bha mi latha samhraidh an Steòrnabhagh,
Chunna mi rud ann agus chòrd e rium,
Nighean bheag a' danns air a casan lom,
Ribeanan na ceann agus cleòc oirre.

 
Thàinig balach uasal is "Lorns" air
Thuirt e rith': "A luaidh, cur do bhrogan ort,
Gus an téid sinn cuairt dhan a' Ghearraidh Chruaidh
'S dìridh mi suas Beinn na Drobha leat".
 
"Cha téid mise cuairt chun na drobha leat
Ged a tha thu uasal is brògan ort;
B'aill leam a bhith danns air mo chasan lom
Le fear a chluicheadh triomb no meileòidian."



=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca