67 Clò Mhic 'Ille Mhìcheil 67

 
 
Séist
Hùg air clò Mhic 'ille Mhìcheil,
Hó ro hùgaibh, hùg a rì hug,
Hùg air clò Mhic 'ille Mhìcheil.

Òganaich ùir a' chuil teudaich
'S oil leam eudach a bhith dhith ort.
 
Chuir an Roinn Eòrpa clò am beart duit,
'S gus a tig e as cha bhi sìth ann.
 
Ach bidh i fighte cumta luaidhte
Mus tig buain na h-Éill Mhìcheil.
 
Bheir Albainn cuideachadh luadhadh
Ma tha gruagaichean 'san Rìoghachd.
 
Gum bi do chlò ruadh-sa luaidhte
Le gaoir, fuil, is fual 'ga shlìobadh.
 
Nì mi fhìn dhuit sgoba cléithe
De'n phòr as gleudsda tha 'sa Chrìosdachd.
 
Gun tig pannal oirnn a Sléibhte,
'S air do chléith gun dean iad dìchioll.
 
Gun tig gruagaichean Chlann Ràghnaill,
Comhlain dhàicheil nach dean dìobradh.
 
Thig sgioba éile a Gleann Garadh
A luaidheas gu farumach donach.
 
Gun tig nìonagan o 'n Cheapaich
A bheir caithris air mun sgithich.
 
Is buidheann mhaighdean a Gleann Comhann,        
Fùcadairean coimheach rìoghail.
 
Is gheibh sinn sgioba éile a éirinn
O Iarl' Antram nan steud romhach.
 
Thig oirnn tuille do Chlann Dòmhnaill,
'S na thig oirnn diu a Cinntìre
 
'S druididh riu-san Clann Ghilleoin,
'S nì iad luadhadh a bhios rìoghail.
 
Freasdailidh maighdeanan Loch Abair,
Nonagan gasda a nì sìor-luadh'.
 
Maighdeanan lurach Chlann Mhuirich,
Luaidhidh iad tuille is mìolan.
 
Luaidheadh clò leinn ann an Clifton,
Is dh'fhàgadh Honiwood 'na shìneadh.
 
'S gun tig Leodaich oirnn le'm bannal,
Is luaidhidh iad gu daingean lìomahaidh.
 
Thig ribhinnean a Strath Spé oirnn
A luaidheas 's a dh'éigheas 's a shìneas.
 
Gun tig Frisealaich le caithream,
'S bheir iad farum air gu rìoghail.
Thig càil de nìonagan làidir
O'n Ghalldachd, 's gun dàil a sgrìob oirnn.
 
Gun tig h-ugainn a Braghad Albainn
Gruagaichean calma nach strìochdadh.
 
Mar sin is Niallaich thar sàile,
Far shruthain làidir an lìonaidh.
 
Gun tig maighdeanan o'n t-Srath,
Is bheir iad crathadh air gach dìblidh.
 
Bheir Sruthain h-ugainn bannal
A shuathas gu deannalach mìn-thiugh.
 
'S na h-Apaich 's iad fhéin gu bòidheach,
Mar ri Clann Dòmhnaill an dìlsean.
 
Cruinnichidh h-ugainn o'n Apuinn
Sgioba a luaidheas 's a bhios dìleas.
 
Gun tig bannal mór Chlann Chatain,
Is bheir iad caitein air luchd mìoruin.
 
Dhoibh-san caileagan Chlann Ghriogair,
'S an uair a thig iad, nì iad sìor-luadh'.
 
Borradal 's e fhéin 's na gadaibh,
Och ge lag sinn n sinn dìchioll.
 
Cuireamaid 'na éideadh Teàrlach,
Stracamaid an àird ar dìchioll.
 
Na b'ionann seo 's an luadhadh dosgach
A bha 'n Cuil-lodair 'n uair a phill sinn!
 
Luaidhibh e ged nì sibh tuiteam,
A ghruagaichean cruiteal rìoghail.
 
Bidhidh an clòlain seo cho snaidhte
Ri aodach ruadh a bha 's a' Chrìosdachd.
 
Tuitibh an ionad nam bonn ris,
Ged a lom sibh air ur ìonain.
 
Ìobraibh sibh fhéin suas gu toileach
Ann an onair a' chlò rìoghail.
 
A mhaighdeanan còire gràdhach,
Luaidhibh is tàirrngnibh is sìnibh.
 
Deanaibh an luadh-làmh gu guineach,
Is thugaibh fuil air mac na striopaich
 
Mìle marbhaisg air na brùidibh
Nach d'rinn fùcadh 'na thìom dhuit.
 
Is dh'fhaodadh e bhith an dràsda umad
'Na thrusgan urramach rìoghail.




=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca