| 68 | A' Mhórag 'S na Horo Gheallaidh | 68 |
|
Séist Ó ì og ì ò, A' Mhórag 's na horo gheallaidh, Ó ì og ì ò. A' Mhórag bheag a' chùil rìomhaich, Dheanainn-sa do chìr a cheannach. A' Mhórag bheag a' chùil dualaich, 'S tric do luaidh a' tighinn air m'aire. Mis' a-muigh air luing 'seòlaidh, 'S mi gun dòigh air tighinn gu baile. An cuimhne leat an oidhch' a bha sinn 'S a' luing bhàin air bhàrr na mara. An oidhche sin a chaidh ar fuadach, Thàinig a' mhuir mhór 'na gleannaibh. 'S truagh a Rìgh nach ann a bha mi, 'N eiste-laigh 'nam bòrdan tana. Bhon a chunna mi na coinnlean, A' gabhail a raoir air do bhanais. 'Nuair dheidheadh tu a mach a dh'fhia'chadh, Bu throm do thriall bho'n a' bhaile. Le d'ghunna leathann, 's le d'fhùdar, Le do ghille, 's cù na dheannamh. Leageadh tu 'n damh donn a' bhùirein, 'S fhuil 'ga thùcadh 's e gun anail. Cha leiginn thu chrò nan gobhar, Na bhleoghainn a' chruidh a's t-Earrach. Mi air chùl nam beanntan àrda, Cha chluinn mo mhàthair mo ghearain. A Mhórag bheag nighean an Leòdaich, Airson a dheanainn dòrtadh faladh. A Mhórag bheag à tìr 'nan Leòdach. Dh'òlainn do dheoch-slàint' a dh'aindheoin. |
Séist 'S o hi thog i ho, A' Mhórag 's na horo Gheallaidh, 'S o hi thog i ho. A' Mhórag bheag a' chùil dualaich, 'S tric a luaidh a tighinn air m'aire. A' Mhórag bheag a' chùil rìomhaich, Dheanainn-sa do chìr a cheannachd. Mi air chùl nam beanntan àrda, Cha chluinn mo mhàthair mo ghearain. Mis' a-muigh air luing 'seòlaidh, 'S mi gun dòigh air tighinn gu baile. 'N cuimhne leat an oidhch' a bha sinn 'Sa luing bhàn air bhàrr na mara. An oidhch' ud a chaidh ur fuadach, 'S a chaidh an cuan oirnn na dheannaibh. 'Nuair a gheibh tu mach a dh'fhiadhach, Bu throm do thriall bho'n a' bhaile. Le d'ghunna leithe, 's le d'fhùdar, Le gille, le d'chù na dheannaibh. Leigeadh tu 'n damh donn a' bhùirean, An t-fhuil a chuireadh tu air aineol. Leigeadh tu 'n damh air a chliathaich, Air leacannan sìos nam beannaibh. Cha leiginn thu chrò nan caoraich Air eagal d'aodach a shalach. Cha leiginn thu chrò nan gobhar, Na bhleoghainn a chruidh a's t-Earrach.   |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca