77 Far an Laigh Thu Nighneag a Nochd 77
Source - B&R Heritage Enterprises

 
Séist
Far an laigh thu nighneag a-nochd,
Far an laigh thu nighneag;
Far an laigh thu luaidh mo chridhe,
'S truagh nach robh mi fhìn ann.

 
Tha 'ghaoth a' seideadh oirnn o'n deas,
Tha mise deas gu seòladh;
'S 'nam biodh tu leam air bhàrr 'nan stuadh,
A luaidh, cha bhithinn brònach.
 
'S truagh, a Rìgh, nach mi bha thall,
Air bhàrr 'nan tonn a' dìreadh;
Bhithinn sinnte le mo luaidh
Air druim a' chuain gum bitheadh sinn.
 
Bha mi latha siubhal coille,
Chuala mi guth smeorach;
'S duil leam gur e bh'ann mo leannan
'S i ri gabhail òran.
 
Bha mi latha siubhal na monadh,
Cruinneachadh 's a sgaoladh;
'S mìle marbhaisg air an dròbhair
A thug oirnn a mi-chliù.
 
Cha'n 'eil iosal 's cha'n 'eil uasal,
Tuathanach na cìbeir,
Nach toir greas a' deanamh suas
Ri bean a' chuailean rìomhaich.
 
Thug mi sgìl dhut 's thug mi sgoil dhut,
Gu leughadh tu am Bìoball;
'S math a' chàradh tu mo lèine,
Cha robh greim a dhith oirre.
 
Cha robh fiodhull 's cha robh òrain,
Cha robh ceòl na biob;
Cha robh nì ach nighneag òg,
Thug bròn an diugh air m'inntinn.
Chorus
Where you will lie tonight young maiden,
Where you will lie;
Where you will lie, the love of my heart,
It's a pity that I won't be there too.
 
The wind is blowing from the south,
I am ready to sail;
Were you with me on the crest of the waves,
My love, I would not be unhappy.
 
A pity, O Lord, that I wasn't yonder,
Climbing the crest of the waves;
I would be lying with my love,
We'd be cushioned on the ocean.
 
I was one day walking in the woods,
And heard the voice of the thrush;
I thought Iit was my love
And she was singing a song.
 
I was one day, walking the moors
Gathering and strewing;
A thousand curses on the drover,
Who did us the injustice.
 
There is neither gentleman nor lowly man,
Farmer nor shepherd,
Who wouldn't spend time, making up
To the lady of the beautiful stresses.
 
I gave you religion and I gave you learning,
So you could read the Bible;
You would repair my shirts well,
So they would require no further attention.
 
There was not fiddle music, nor song
There was no pipe music;
There was nothing but the young maiden,
To put this sorrow on my mind today.

 

77B Far an Laigh' Thu Nigh'neag a-Nochd 77B
Source - Aonghas MacLeòid, Englishtown

 
Séist
Far an laigh' thu nigh'neag a nochd
Far an laighe mo nigh'neag
Far an laigh' thu, luaidh mo chridhe
'S truagh nach robh mi-fhéin ann

 
Tha ' ghaoth a séideadh oirrn o'n deas
'S tha mise deas gu seòladh
'S nam biodh tu leam air bhàrr nan stuagh
A luaidh, cha bhithinn brònach
 
'S truagh a Righ, nach mi bha thall
Air bhàrr nan tonn a dhireadh
Bhithinn sìnnte ri mo luaidh
Air druim a' chuan gum biodh sinn
 
An uair a dh'fhàg an long an cala
Bha mo leannan fhéin innte
'S b' e mo mhiann bhi air na tonnaibh
Far an robh mo nighneag
 
An uair a thog 'ad rithe siùil
Bha mise tùrsach, cianail
'S shuidh mi air a' chnoc a b' arda
Gus an d' fhàg i m' fhianuis
 
'S ann agam fhéin bha 'n nigh'neag òg
Bu bhòidhche bha 'san tìr seo
A deud mar chailc, a gruaidh mar ròs
A pòg air bhlas an fhiona
 
'S ann ort fhéin a d' fhàs a' ghruaig
Tha bachlach, dualach, rìomhach
Fiamh an òir a's boidhche snuadh
'S e 'dol 'na dhual 's na cìrean
 
Bha mi deas is bha mi tuath
'S gu tric air cuairt na h-Innsean
'S bean t' aogais riamh cha d' fhuair mi ann    
No sàmhladh do mo nigh'neag
 
Chan eil iosal, 's chan eil uasal
Tuathanach no ciobar
Nach toir greis a dheanamh suas
Ri bean a' chuailean riòmhach
 
Bha mi latha siubhail na coille
Chuala mi guth smeòrach
'S duil leam gur e bh' ann mo leannan
'S i ri gabhail òran
 
Bha mi latha siubhail na mòine
Cuimhnich oirre, a sgaoileas
'S mile marbhaisg aig an dròbhair
A thug oirrn a' mi-chliù
 
Cha tog fidheall 's cha tog òran
'S cha tog ceòl na pioba
'S cha tog briodal nigh'neag òg
Am bròn tha 'n diugh air m' inntinn
 
'S tha mi diombach dhe mo bhraithrean
'S dhe mo chairdean dileas
A chum air ais mi gun do phòsadh
'S tu cho bòidheach, finealt'
 
Ged bheirteadh dhomhsa na tha dh' òr
'San Olaind 's anns na h-Innsibh
Gum b' annsa leam anochd bhi sìnnte
Còmhla ri mo nighneag
 
An seo ma dh' fhanas mis' am bliadhna
Fiachaidh mi le dichioll
'S seòlaidh mi amach a Grianag
No a bhialaibh Lìte
 
'S e iarrain riochd na h-eala bhàn
A shnàmhas thar an caolas
'Is rachainn fhéin troimh thonnaibh breun
A chuir an céill mo ghaol dhuit
 
Tha 'nis gach nì a réir mo dheòin
Gach acfhuinn 's seòl mar dh' iarrain
'S gun mhaille théid mi air a toir
'S pòsaidh mi mo nigh'neag
 
Théid mi do 'n tìr nan coilltean mòra
'S gheibh mi pòg bho m' nigh'neag
An sin teichidh m' airsneal is mo bhròn
'S tillidh solas cridh' rium



=============
Return

Courtesy of An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca