| 87 | Di-Sathuirne A Ghabh Mi Mulad | 87 |
|
Séist Di-sathuirne a ghabh mi mulad Hao ri a bho ho libh o Hi o challa hi u bha u bha. Di-sathuirne a ghabh mi mulad, Di-dòmhnaich a ghabh mi uil' e, 'S ann Di-luain a rinn mi 'n tuiream, Chunnaic mi bhith gabhail umad, Gabhail mu 'n bheul a bha cuimir, Dùnadh nan sùil a bha lurach, Togail 'nan seòl ris a' churrach, Seòladh gu Tìr a' Mhurain, Far an cluinnte fuaim na tuinne, Fuaim an t-sìobain ris a' mhuran Fuaim na calltainn ris a' chuilthinn, Di-sathuirne a ghabh mi mulad, Di-dòmhnaich a ghabh mi uil' e. |
|
|
Courtesy of
An Cliath Clis
www.ancliathclis.ca